Blog 1: Rona Dhòmhnallach (Fàs Gaelic Artist in Residence)

4 October 2018

Photo

Tha mi air mìos a chur seachad a nis aig Imaginate mar neach-ealain Gàidhlig ann an Greis Mhuinntireas [Residency].   Seo agaibh beagan de bhlog ma tha ùidh agaibh san obair a tha mi a’ dèanamh!   ’S e Imaginate am buidheann nàiseanta a tha a’ brosnachadh, a’ leasachadh agus a tha a’ comharrachadh tèatar agus danns’ airson clann agus feadhainn òga. Tha iad an sàs ann am brosnachadh nòs-ealain [Art-form] agus a’ toirt taic ri luchd-ealain a tha a’ fuireach ann an Alba.   Leis a sin tha mi gu math fortanach a bhith ag obair air pìos leantainneach airson sia mìosan – dà latha gach seachdain.  

An-dràsta tha mi a’ coimhead air a’ cheist mu imrich agus ciamar a tha sin a’ bualadh air clann agus foghlam tro dhiofar canain.  Tha mi a’ coimhead air sgeulachdan mu sgoil agus faclan caillte cuideachd.  ’S docha gun atharraich sin agus thig mi sìos slighe eile? Oir tha an obair fosgailte, airson dreiseag co-dhiù, cha fheum mi co-dhùnadh a dhèanamh air dè an cuspair am bi mi a’ sgrìobhadh mu dheidhinn airson a’ performance aig an deireadh. Tha cead agam a bhith a’ coimhead air criomagan de bheachdan agus ga fhàgail.  Watch this space – mar a chanas ’ad!

San àm ghoirid a tha air a dhol seachad, tha mi air rannsachadh a thòiseachadh, bùthan-obrach a dhèanamh aig Bun Sgoil Taobh-na-Pàirce C3, air falbh air cuairt a Mhuile agus air coinneachadh ri luchd-ealain bho gach canan!

Tha an rannsachadh, mar a shaoileas tu leughadh tòrr sgeulachdan mu imrich.  Tha mi dìreach air crìochnachadh The Fox Girl and the White Gazelle le Victoria Williamson [mu tè a Syria agus tè a Glaschu] agus Fir for Luck le Barbara Henderson, sgeulachd a tha stèidhte sna fhuadaichean le tionndadh nas ùire, ’s docha?  Tha dhà no trì leabhraichean fhathast air a liosta agam! Agus tha e a’ còrdadh rium an saorsa a th’ agam a bhith dìreach a’ smaoineachadh air beachdan. 

Tha na bùthan obrach aig an sgoil a’ còrdadh ruim gu mòr ’s a’ chlann cho laghach.  Tha an sgoil fhèin mìorbhaileach le tidsearan làn tàlant agus fiùghantachd.  Tha mi fhèin ’s a’ chlann air a bhith a’ coimhead air geamaichean dràma, faclan ùra agus gluasad air cuspairean mu teaghlaichean, air a’ chiad sheachdain, agus an t-slighe dhan sgoil air mapa Dhùn Èideann air an dàrna sheachdain.  Bidh mi ag obair còmhla ris a’ chloinn, na tidsearan agus na pàrantan gus an Dùbhlachd am-bliadhna-sa. 

Fhuair mi cothrom a dhol air cuairt a Mhuile le deichnear luchd-ealain eile. Thug e dhuinn àite air falbh bhon bhaile mhòr, ùine airson a bhith a’ smaoineachadh ann a dòigh eile, ’s docha dòigh ùr, air an obair againn agus a’ bruidhinn ri feadhainn eile a tha a’ dèanamh obair san aon t-suidheachadh leat fhèin.  Bha e annasach a bhith a’ cur seachdad àm leat fhèin air an fhearann as aonais fòn ’s rud sam bith digiteach neo leughaidh agus, ged a bha i doirbh aig amannan, tha mi a’ faireachdainn an fheum a-nis!    

Thog an t-àite, àite air nach robh mi eòlach, ceistean dhomh.  Dè na sgeulachdan a bha air cùl an talmhainn ’s na h-ainmean-àite far an do chuir sinn suas na teantaichean againn? An robh sgoil ann, bha colas gun robh? Càit an deach na daoine agus dè cho seann ’s bha na Run-rigs a chunnaic sinn?  An robh e ceart a bhith ann às aonais am fiosrachadh seo?  Bha mi ag iarraidh teine a lasadh agus ùrnaigh air choreigin a thoirt suas dha na daoine a dh’fhalbh – ’s docha an ath-turas.

Cha bhi mi a’ cruachadh a’ phìos obrach seo nam aonar, is leis a sin, tha e cudromach gum bi mi a bruidhinn ri luchd ealain eile mar phàirt dhan ‘phrocess’.  Airson comhairle fhaighinn, beachdan eadar-dhealaichte a chluinntinn, feadhainn a tha ag obair ann an nòs eile agus fiu ’s a bheil mi à Dùn Èideann, tha e cudromach do dh’ Imaginate agus dhomh fhìn a bhith a’ tachairt ris a’ choimhearsnachd a tha seo agus a’ fighe a-staigh blas taobh-an-ear dhen dùthaich. Thairis air na sia mìosan tha tuilleadh agam ri dhol agus feuch gun tadhail sibh orm ann an Dùn Èideann ma tha sibh a’ dèanamh obair ceangailte ri imrich neo sgeulachdan sgoile. 

Facal air canan. 

Chan eil mi eòlach a cleachdadh nam faclan a tha gu h-ìosail tric sa Gàidhlig:  

Greis Mhuinntireas (Residency)

Obair Leantainneach (work in progress)

Nòs – genre?

Nòs-ealain (art-form)

Cuiridh mi geall nach eil a h-uile neach a bhios mi a’ bruidhinn ris, eòlach air na faclan seo nas motha.  Is chan eil mi buileach chofhurtail gan cleachdadh an seo. Chan eil fios agam carson. An e air sàillibh gur ann à Uibhist a tha mi? Gu bheil faclan  dh’ionnsaich mi ann am Beurla bho thùs doirbh dhomhsa sa Ghàidhlig; neo dìreach gu bheil fios agam nach eil tuigse aig a h-uile duine air na faclan sònraichte seo – buzzwords – gu brith dè a’ chanan a tha thu a’ cleachdadh, anns an roinn Ealain. 

Is b’ fhèarr leam fhèin, uaireannan a bhith a’ chleachdadh nam faclan sa Bheurla.  Deasbad eile a tha seo, agus tha mi cinnteach nach eil a h-uile duine ag aontachadh rium! Tha e èibhinn, dhomhsa ge-tà, nuair a chi thu faclan Beurla le ‘h’.  M. e.  an àite ‘modh-obrachaidh’ airson ‘process’, uaireannan tha nas nàdarra dhomhsa co-dhiù a bhith a’ cantainn Phrocess!  Tha mi a cluinntinn mo màthair ag èibheadh “ith do shoup” neo “tha mi falbh dhan a h-airport” !!

A month has passed since I started working with Imaginate as the Gaelic artist-in-residence.   In that short time I’ve been busy enjoying researching ideas for the work-in-progress that I’m developing, leading drama workshops at Taobh-na-Pàirce, Edinburgh’s Gaelic primary school, meeting Gaelic and non-Gaelic speaking artists, and along with 10 other artists, I was delighted to be invited on a Wild Journey to the isle of Mull, a place which has a strong Gaelic history. 

I am developing ideas around the subject of immigration and the refugee experience. If you’d like to know more about what I’m working on  please get in touch at rona@imaginate.org.uk